Càrrabost (Loch Harport)w.s500ion. Σachurvάδηησ
| Càrrabost | |
Sealladh air a' bhaile | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | Alba |
| Ceàrn | Comhairle na Gàidhealtachd |
| Sgìre | An t-Eilean Sgitheanach |
| Co-chomharran | 57° 18′ 5″ Tuath 6° 21′ 10″ Iar |
| Comharradh-clèithe | NG378319 |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 118 (1961) |
'S e baile anns an Eilean Sgitheanacha th' ann an Càrrabost (Beurla: Carbost).[1] Tha e suidhiche air bruach a deas Loch Harport. Tha e mu thimcheall 10 mìle (16 km) san iar-dheas air Port Rìgh.[2] Tha an rathad B8009 a leanas gu Port nan Long a' dol tron bhaile. Ann an 1961 bha 118 duine a' fuireach an seo.[3]
Is dòcha gun tàinig ainm a' bhaile bhon Seann-Lochlannais. Tha e a' gabhail a-steach nan eilemaidean: kjarr : preasarnach neo boglach agus bólstaðr a tha a' ciallachadh tuathanas. [1]
Tha Càrrabost ainmeil air sgàth' s gu bheil an taigh-staile Talisker an seo a chaidh a chur air bhonn ann an 1831. Mar neach-fastaidh tha e cudromach do dh'eaconamaidh na sgìre agus gheibhear torr chosnaidhean an seo.
Tha baile eile ann faisg air Port Rìgh aig a bheil an dearbh ainm sa Bheurla. Nochdaidh e ann an Gàidhlig mar Carbost.
Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Prìomh-rathad ann an Càrrabost
Taigh-staile Talisker
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ 1.0 1.1 Ainmean-Àite na h-Alba
- ↑ Gazetteer for Scotland
- ↑ Gazetteer for Scotland-Details
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- Undiscovered Scotland (Beurla)